Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 39:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thachair e, nuair a labhair i ri Iòseph o là gu là, nach èisdeadh esan rithe, gu laighe leatha, no a bhith maille rithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus thachair e, air là àraidh, gun deachaidh esan a‑steach don taigh a dhèanamh a obrach fhèin, agus cha robh aon de dhaoine an taighe an sin a‑staigh.

Agus dhiùlt esan agus thubhairt e ri mnaoi a mhaighistir, Feuch, chan eil fhios aig mo mhaighistir ciod a tha maille rium anns an taigh, agus gach nì a tha aige chuir e fom làimh-sa;

Chan eil neach anns an taigh seo as mò na mise; agus cha do chùm e uam nì sam bith ach thusa, a chionn gur tu a bhean: cionnas uime sin a nì mise an t‑olc mòr seo, agus a pheacaicheas mi an aghaidh Dhè?

A mhic, na imich thusa anns an t‑slighe maille riu; cùm air a h‑ais do chas on ceum.

A‑chum do shaoradh on mhnaoi choimhich, on bhanachoigrich a nì miodal le a briathran;

Is sloc domhain beul bhan coimheach; an tì as gràineil leis an Tighearna tuitidh e ann.

Oir is staing dhomhain strìopach; agus is sloc cumhang ban-choigreach.

Tha i mar an ceudna ri feall-fheitheamh mar chreachadair, agus cuiridh i luchd-dòbheairt an lìonmhorachd am measg dhaoine.

(Na èisd ri mealltaireachd mnà:) oir mar a’ chìr-mheala silidh bilean mnà coimhich, agus is mìne na ola a beul.

Atharraich do shlighe fada uaipe, agus na tig am fagas do dhoras a taighe:

Agus rug i air, agus phòg i e, agus le aghaidh gun nàire thubhairt i ris,

A‑chum gun glèidh iad thu on mhnaoi choimhich, on bhan-choigrich a nì miodal le a briathran.

Oir suidhidh i aig doras a taighe, air cathair, ann an àitean àrda a’ bhaile,

Ge bè neach a tha baoghalta, thigeadh e a‑steach an seo; agus ris-san a tha a dhìth tuigse their i,

Na meallar sibh: truaillidh droch choluadar deagh bheusan.

Teichibh o strìopachas. Tha gach aon pheacadh a nì duine an leth a‑muigh den chorp: ach an tì a nì strìopachas, tha e a’ peacachadh an aghaibh a chuirp fhèin.

Seachnaibh gach uile choslas uilc.

Is àill leam uime sin na mnathan òga a phòsadh, iad a bhreith cloinne, a stiùradh an taighe, agus gun chion-fàth air bith a thoirt don eascaraid labhairt gu toibheumach.

Teich uime sin o ana-miannan na h‑òige: ach lean fìreantachd, creideamh, gràdh, sìth, maille riùsan a tha a’ gairm air an Tighearna o chridhe glan.

A mhuinntir mo ghràidh, guidheam oirbh, mar choigrich agus luchd-cuairt, sibh a sheachnadh ana-miannan feòlmhor, a tha a’ cogadh an aghaidh an anama;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan