Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 38:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha Er, ciad-ghin Iùdah, aingidh ann an sealladh an Tighearna; agus mharbh an Tighearna e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Ach bha daoine Shòdoim aingidh agus nam peacaich am fianais an Tighearna gu ro‑mhòr.

Oir tha sinne gus an t‑àite seo a sgrios, do bhrìgh gu bheil an glaodh air fàs mòr an làthair an Tighearna; agus chuir an Tighearna sinne ga sgrios.

Agus ghabh Iùdah bean do Er a chiad-ghin, dom b’ainm Tàmar.

Agus mic Iùdah: Er, agus Onan, agus Selah, agus Phareds, agus Serah: ach fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanàain. Agus b’iad mic Phareids, Hesron agus Hamul.

Ach fhuair Nòah deagh-ghean ann an sùilean an Tighearna.

Agus dh’èigh e ris an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna mo Dhia, an tug thu mar an ceudna olc air a’ bhantraich aig a bheil mi air aoigheachd, le a mac a mharbhadh?

Mic Iùdah: Er, agus Onan, agus Selah: an triùir seo rugadh dha le nighinn Shuah a’ bhan-Chanàanach. Agus bha Er ciad-ghin Iùdah olc ann an sùilean an Tighearna, agus mharbh e e.

Agus thug e air a chloinn dol tron teine ann an gleann mac Hinoim; agus sheall e air comharraidhean, agus ghnàthaich e geasachd agus draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr-aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.

Ach tilgidh tusa, a Dhè, sìos iad gu sloc an sgrios; cha mhair daoine fuileachdach agus cealgach leth an làithean; ach cuiridh mise mo dhòigh annadsa.

B’iad mic Iùdah, Er agus Onan: agus fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanàain.

Ma pheacaicheas duine an aghaidh duine eile, bheir am britheamh breith air: ach ma pheacaicheas duine an aghaidh an Tighearna, cò a ghuidheas air a shon? Gidheadh cha d’èisd iadsan ri guth an athar, do bhrìgh gum bu toigh leis an Tighearna am marbhadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan