Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 38:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh Iùdah riu, agus thubhairt e, Bha i na bu cheirte na mise, a chionn nach tug mi i do Shelah mo mhac. Agus cha robh aithne aige oirre nas mò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus dh’aithnich e e, agus thubhairt e, Còta mo mhic; chuir droch bhèist as dha: tha Iòseph gun teagamh air a reubadh as a chèile.

Agus chuir i a culaidh-bantraich dhith, agus chòmhdaich i i fhèin le gnùis-bhrat, agus phaisg i i fhèin, agus shuidh i ann an ionad follaiseach a tha làimh ris an t‑slighe gu Timnat: oir chunnaic i gun d’fhàs Selah suas, agus nach tugadh i dha mar mhnaoi.

Agus dh’aithnich Adhamh a bhean Eubha; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i Càin, agus thubhairt i, Fhuair mi duine on Tighearna.

Agus sgaoil iad bùth do Absalom air mullach an taighe; agus chaidh Absalom a‑steach a dh’ionnsaigh coileabaich a athar ann an sealladh Israeil uile.

Agus thàinig Daibhidh da thaigh ann an Ierusalem; agus ghabh an rìgh an deichnear bhan, a choileabaich, a dh’fhàg e a ghleidheadh an taighe, agus chuir e ann an gainntir iad, agus bheathaich e iad, ach cha deachaidh e a‑steach dan ionnsaigh; agus bha iad air an druideadh suas gu là am bàis, a’ caitheamh am beatha ann am bantrachas.

Agus labhair Daibhidh ris an Tighearna nuair a chunnaic e an t‑aingeal a bhuail an sluagh, agus thubhairt e, Feuch, is mise a pheacaich, agus is mise a rinn gu h‑aingidh; ach na caoraich sin, ciod a rinn iad? Bitheadh do làmh, guidheam ort, am aghaidh-sa, agus an aghaidh taigh m’athar.

Ach a‑nis thàinig e ort, agus ghabh thu gu h‑olc e: bhean e riut, agus tha thu fo amhluadh.

Aon uair labhair mi, ach cha fhreagair mi; seadh, dà uair, ach chan abair mi tuilleadh.

Thusa fòs a thug breith air do pheathraichean, giùlain do nàire fhèin, airson do lochdan a chuir thu an gnìomh nas gràineile na iadsan: tha iadsan nas ionraice na thusa: seadh, bi thusa air do mhaslachadh fòs, agus giùlain do nàire, a chionn gun d’fhìreanaich thu do pheathraichean.

Tha do shùilean nas glaine na gun seall thu air olc, agus chan fhaod thu amharc air aingidheachd: cuime a bheil thu ag amharc air luchd-ceannairc, agus a’ fantainn ad thosd nuair tha an t‑aingidh a’ slugadh suas an duine as ionraice na e fhèin?

Air an adhbhar sin, thugaibh a‑mach toradh iomchaidh don aithreachas.

Agus nuair a chuala iadsan seo (air dhaibh a bhith air an agairt len cogais fhèin), chaidh iad a‑mach an dèidh a chèile, a’ tòiseachadh aig an dream a bu shine, gus an dream mu dheireadh: agus dh’fhàgadh na aonar Iosa, agus a’ bhean na seasamh anns a’ mheadhon.

Tha cuid mhòr den oidhche air dol seachad, tha an là am fagas: uime sin cuireamaid dhinn obraichean an dorchadais, agus cuireamaid umainn armachd an t‑solais.

A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.

Agus thubhairt e ri Daibhidh, Is tusa as fìrinniche na mise; oir dhìol thusa math dhòmhsa, ach dhìol mise olc dhutsa.

Agus nochd thu an‑diugh cionnas a bhuin thu gu math rium; do bhrìgh, nuair a thug an Tighearna thairis mi dod làimh, nach do mharbh thu mi.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan