Agus thionndaidh e da h‑ionnsaigh air an t‑slighe, agus thubhairt e, Leig leam, guidheam ort, teachd a‑steach ad ionnsaigh; oir cha robh fhios aige gum b’i bean a mhic i: agus thubhairt i, Ciod a bheir thu dhomh, a‑chum is gun tig thu a‑steach am ionnsaigh?
Agus thubhairt e, Ciod an geall a bheir mi dhut? Agus thubhairt ise, Do sheula, agus do làmh-fhailean, agus do lorg a tha ann ad làimh: agus thug e dhi iad, agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh, agus rinneadh i torrach leis.
Do na h‑uile strìopaichean bheir iad duais; ach tha thusa a’ toirt duaise dod leannain uile, agus gan tuarasdalachadh, a‑chum gun tigeadh iad thugad gach aon taobh airson do strìopachais.
Agus mhol an tighearna an stiùbhard eucorach, do bhrìgh gun do rinn e gu glic: oir tha clann an t‑saoghail seo nan ginealach fhèin nas glice na clann an t‑solais.
Agus an dèidh làithean àraidh, ann an àm foghar a’ chruithneachd, chaidh Samson a dh’fhaicinn a mhnà le meann de na gobhair; agus thubhairt e, Thèid mi a‑steach a dh’ionnsaigh mo mhnà don t‑seòmar. Ach cha leigeadh a h‑athair leis dol a‑steach.