Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 38:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thionndaidh e da h‑ionnsaigh air an t‑slighe, agus thubhairt e, Leig leam, guidheam ort, teachd a‑steach ad ionnsaigh; oir cha robh fhios aige gum b’i bean a mhic i: agus thubhairt i, Ciod a bheir thu dhomh, a‑chum is gun tig thu a‑steach am ionnsaigh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Nuair a chunnaic Iùdah i, shaoil e gum bu strìopach i, a chionn gun do chòmhdaich i a h‑aodann.

Agus thubhairt esan, Cuiridh mi meann ad ionnsaigh on treud: agus thubhairt ise, An toir thu geall dhomh gus an cuir thu am ionnsaigh e?

Agus nuair a thug i iad da ionnsaigh a‑chum an ithe, rug e oirre, agus thubhairt e rithe, Thig, laigh leam, a phiuthar.

Do na h‑uile strìopaichean bheir iad duais; ach tha thusa a’ toirt duaise dod leannain uile, agus gan tuarasdalachadh, a‑chum gun tigeadh iad thugad gach aon taobh airson do strìopachais.

Agus thubhairt e, Ciod a bheir sibh dhòmhsa, agus brathaidh mi dhuibh e? Agus chòrd iad ris air dheich-buinn-fhichead airgid.

Cha toir thu tuarasdal strìopaich, no luach coin, do thaigh an Tighearna do Dhia airson bòid sam bith; oir tha iad sin eadhon le chèile nan gràinealachd don Tighearna do Dhia.

Oir is e gaol an airgid freumh gach uilc: nì am feadh a mhiannaich dream àraidh, chaidh iad air seachran on chreideamh, agus thro-lot iad iad fhèin le iomadh cràdh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan