Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 38:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nuair a chunnaic Iùdah i, shaoil e gum bu strìopach i, a chionn gun do chòmhdaich i a h‑aodann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus chuir i a culaidh-bantraich dhith, agus chòmhdaich i i fhèin le gnùis-bhrat, agus phaisg i i fhèin, agus shuidh i ann an ionad follaiseach a tha làimh ris an t‑slighe gu Timnat: oir chunnaic i gun d’fhàs Selah suas, agus nach tugadh i dha mar mhnaoi.

Agus thionndaidh e da h‑ionnsaigh air an t‑slighe, agus thubhairt e, Leig leam, guidheam ort, teachd a‑steach ad ionnsaigh; oir cha robh fhios aige gum b’i bean a mhic i: agus thubhairt i, Ciod a bheir thu dhomh, a‑chum is gun tig thu a‑steach am ionnsaigh?

Agus, feuch, thachair bean air ann an culaidh strìopaich, agus cuilbheartach na cridhe.

An e nach eil fhios agaibh, an tì sin a tha ceangailte ri strìopaich, gur aon chorp rithe e? Oir (tha e ag ràdh), bidh dithis nan aon fheòil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan