Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 38:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir i a culaidh-bantraich dhith, agus chòmhdaich i i fhèin le gnùis-bhrat, agus phaisg i i fhèin, agus shuidh i ann an ionad follaiseach a tha làimh ris an t‑slighe gu Timnat: oir chunnaic i gun d’fhàs Selah suas, agus nach tugadh i dha mar mhnaoi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt i ris an t‑seirbhiseach, Cò e an duine seo a tha a’ sràid-imeachd anns an fhaiche gar coinneachadh? Agus thubhairt an seirbhiseach, Is e mo mhaighistir a tha ann: an sin ghabh i gnùis-bhrat, agus chòmhdaich i i fhèin.

Nuair a chunnaic Iùdah i, shaoil e gum bu strìopach i, a chionn gun do chòmhdaich i a h‑aodann.

Agus dh’èirich i, agus dh’fhalbh i roimhpe, agus chuir i seachad a gnùis-bhrat uaipe, agus chuir i a culaidh-bantraich oirre.

Agus ghabh Iùdah riu, agus thubhairt e, Bha i na bu cheirte na mise, a chionn nach tug mi i do Shelah mo mhac. Agus cha robh aithne aige oirre nas mò.

Agus, feuch, thachair bean air ann an culaidh strìopaich, agus cuilbheartach na cridhe.

A‑nis tha i a‑mach, a‑nis anns na sràidean, agus a’ feitheamh nam fàth aig gach oisinn.)

Tog do shùilean suas ris na h‑ionadan àrda, agus, feuch, cia an t‑àite anns nach do thruailleadh thu? Shuidh thu gam feitheamh anns na slighean, mar an t‑Arabach anns an fhàsach; agus shalaich thu am fearann led strìopachas, agus led dhroch-bheairt.

Thog thu ionad àrd aig gach aon cheann den t‑slighe, agus thug thu air do mhaise a bhith air a fuathachadh, agus rinn thu coitcheann thu fhèin do gach aon a ghabh seachad, agus rinn thu do strìopachais lìonmhor.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan