Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 38:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha an nì a rinn e olc ann an sealladh an Tighearna: uime sin mharbh e esan mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus mic Iùdah: Er, agus Onan, agus Selah, agus Phareds, agus Serah: ach fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanàain. Agus b’iad mic Phareids, Hesron agus Hamul.

Agus nuair a bha am bròn thairis, chuir Daibhidh fios oirre, agus thug e i a dh’ionnsaigh a thaighe, agus bha i na mnaoi aige, agus rug i mac dha: ach bha an nì a rinn Daibhidh olc ann an sùilean an Tighearna.

Agus dh’èigh e ris an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna mo Dhia, an tug thu mar an ceudna olc air a’ bhantraich aig a bheil mi air aoigheachd, le a mac a mharbhadh?

Mic Iùdah: Er, agus Onan, agus Selah: an triùir seo rugadh dha le nighinn Shuah a’ bhan-Chanàanach. Agus bha Er ciad-ghin Iùdah olc ann an sùilean an Tighearna, agus mharbh e e.

Agus mhì-thaitinn an nì seo ri Dia; uime sin bhuail e Israel.

Na aingidheachd fuadaichear air falbh an t‑aingidh; ach bidh dòchas aig an fhìrean na bhàs.

Air eagal gum faic an Tighearna, agus gum bi e olc na shùilean, agus gun tionndaidh e a fhearg uaithe.

Chuir mi mar an ceudna dur n‑ionnsaigh m’uile sheirbhisich, na fàidhean, ag èirigh gu moch agus gan cur a‑mach, ag ràdh, Guidheam oirbh, na dèanaibh an nì gràineil seo as fuathach leamsa.

An sin labhair Hagai, teachdaire an Tighearna, ann an teachdaireachd an Tighearna, ris an t‑sluagh, ag ràdh, Tha mise leibh, deir an Tighearna.

Agus nuair a rinn an sluagh gearan, mhì-thaitinn e ris an Tighearna, agus chuala an Tighearna e: agus las a fhearg, agus loisg teine an Tighearna nam measg, agus chuir e as dhaibhsan a bha an iomall a’ champa:

Agus thubhairt Balàam ri aingeal an Tighearna, Pheacaich mi, oir cha robh fhios agam gun do sheas thu anns an t‑slighe am aghaidh: a‑nis uime sin, mas mì‑thaitneach leat e, tillidh mi air m’ais a‑rìs.

B’iad mic Iùdah, Er agus Onan: agus fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanàain.

Ma pheacaicheas duine an aghaidh duine eile, bheir am britheamh breith air: ach ma pheacaicheas duine an aghaidh an Tighearna, cò a ghuidheas air a shon? Gidheadh cha d’èisd iadsan ri guth an athar, do bhrìgh gum bu toigh leis an Tighearna am marbhadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan