Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 38:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus anns an àm sin fhèin chaidh Iùdah sìos o a bhràithrean, agus thionndaidh e a‑steach a dh’ionnsaigh Adulamaich àraidh, dom b’ainm Hirah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus ùine fhada an dèidh sin fhuair nighean Shuah, bean Iùdah, bàs: agus thog Iùdah a mhisneach, agus chaidh e suas a dh’ionnsaigh luchd-lomairt a chaorach, e fhèin agus a charaid Hirah an t‑Adulamach, gu Timnat.

Agus chuir Iùdah am meann le làimh a charaid an t‑Adulamach, a‑chum is gum faigheadh e an geall o làimh na mnà: ach cha d’fhuair e i.

Agus chaidh triùir de na deich-ceannardan-fichead sìos, agus thàinig iad ann an àm an fhogharaidh a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, do uaimh Adullaim: agus champaich buidheann nam Philisteach ann an gleann Rephaim.

Agus thachair air là àraidh gun deachaidh Elisa thairis gu Sunam, far an robh bean mhòr; agus chuir i impidh air aran ithe. Agus ge bè uair a rachadh e seachad, thionndaidheadh e a‑steach an sin a dh’ithe arain.

An tì a shiùbhlas le daoine glice, bidh e glic; ach sgriosar companach nan amadan.

Trèigibh nithean amaideach, agus bithibh beò; agus imichibh air slighe na tuigse.

Agus bheir mise oighre ad ionnsaigh-sa, O bhean-àiteachaidh Mharesah; thig e gu Adulam, glòir Israeil.

Rìgh Libnah, aon; rìgh Adulaim, aon;

Iarmut, agus Adulam, Sochoh, agus Asecah,

Agus chaidh Iael a‑mach an coinneamh Shisera, agus thubhairt i ris, Tionndaidh a‑steach, mo thighearna, tionndaidh a‑steach am ionnsaigh-sa; na biodh eagal ort. Agus nuair a thionndaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh don bhùth, chòmhdaich i e le brat.

Dh’imich Daibhidh air an adhbhar sin as a sin, agus chaidh e as gu uaimh Adulaim: agus nuair a chuala a bhràithrean agus taigh a athar uile e, chaidh iad sìos an sin da ionnsaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan