Oir, feuch, bha sinn a’ ceangal sguab anns an achadh, agus, feuch, dh’èirich mo sguab-sa suas, agus sheas i gu dìreach; agus, feuch, sheas ur sguaban-se mun cuairt oirre, agus rinn iad ùmhlachd dom sguaib-sa.
Agus chuimhnich Iòseph air na h‑aislingean a chunnaic e man timcheall, agus thubhairt e riu, Is luchd-brathaidh sibh; a dh’fhaicinn lomnochdas na tìre thàinig sibh.
An sin thàinig Iùdah am fagas dha, agus thubhairt e, Och mo thighearna, leig led sheirbhiseach, guidheam ort, facal a labhairt ann an cluasan mo thighearna, agus na lasadh d’fhearg an aghaidh do sheirbhisich: oir is amhail thusa agus Phàraoh.
Agus nuair a dh’innis iad seo do Iotam, chaidh e agus sheas e air mullach sliabh Gheridsim, agus thog e suas a ghuth, agus ghlaodh e, agus thubhairt e riu, Eisdibh riumsa, sibhse a mhaithean Shecheim, a‑chum gun èisd Dia ribhse.