Agus chuir iad uapa còta nan iomadh dath, agus thug iad e a dh’ionnsaigh an athar; agus thubhairt iad, Fhuair sinne seo: aithnich a‑nis an e seo còta do mhic, no nach e.
Agus bha trusgan iomadh-dathach oirre; oir le a leithid seo de dheise bha nigheanan an rìgh, a bha nan òighean, air an sgeadachadh. An sin thug a sheirbhiseach a‑mach i, agus chrann e an doras na dèidh.
Agus ghabh thu ded chulaidhean, agus rinn thu maiseach d’ionadan àrda le dathan eug-samhail, agus rinn thu strìopachas orra, mar nach robh, agus mar nach bi.
Nach d’fhuair iad, nach eil iad a’ roinn na creiche? Maighdeann no dhà do gach fear? Creach iomadh-dathach do Shisera, creach iomadh-dathach de obair snàthaide, iomadh-dathach de obair snàthaide air gach taobh, airson muinealan na muinntir sin a ghlacas a’ chreach?