Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 37:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is iad seo ginealaichean Iàcoib: nuair a bha Iòseph seachd-bliadhna-deug a dh’aois, bha e a’ buachailleachd an treuda maille ra bhràithrean, agus bha an t‑òganach maille ri mic Bhilhah, agus maille ri mic Shilpah, mnathan a athar; agus thug Iòseph an droch thuairisgeul-san a dh’ionnsaigh a athar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

A‑nis is iad sin ginealaichean mic Nòah, Sem, Ham, agus Iàphet: agus rugadh dhaibh mic an dèidh na dìle.

Is iad seo ginealaichean nan nèamh agus na talmhainn nuair a chruthaicheadh iad, anns an là anns an do rinn an Tighearna Dia an talamh agus na nèamhan.

Agus thug i dha Bilhah a banoglach mar mhnaoi; agus chaidh Iàcob a‑steach da h‑ionnsaigh.

Nuair a chunnaic Lèah gun do sguir i de bhreith cloinne, ghabh i Silpah a banoglach, agus thug i do Iàcob mar mhnaoi i.

Agus nuair a bha Israel a chòmhnaidh anns an tìr sin, chaidh Reuben agus laigh e le Bilhah, coileabach a athar: agus chuala Israel sin. A‑nis bha dà‑mhac-dheug aig Iàcob:

Agus bha Iòseph deich-bliadhna-fichead a dh’aois nuair a sheas e am fianais Phàraoh rìgh na h‑Eiphit: agus chaidh Iòseph a‑mach o làthair Phàraoh, agus chaidh e tro thìr na h‑Eiphit uile.

Agus dh’aithnich Iòseph a bhràithrean, ach cha d’aithnich iadsan esan.

Oir rè an dà bhliadhna seo bha a’ ghorta anns an tìr, agus tha fhathast còig bliadhna ri teachd anns nach bi aon chuid treabhadh no foghar.

Gun abair sibhse, Bu luchd-sprèidhe do sheirbhisich o ar n‑òige eadhon gus a‑nis, sinn fhèin agus mar an ceudna ar n‑athraichean; a‑chum is gun gabh sibh còmhnaidh ann am fearann Ghòsein, oir is gràinealachd do na h‑Eiphitich gach buachaille sprèidhe.

Is e seo leabhar ginealaichean Adhaimh. Anns an là anns an do chruthaich Dia an duine, ann an coslas Dhè rinn e e;

Is iad seo ginealaichean Nòah: Bha Nòah na dhuine cothromach, agus iomlan na linn; agus ghluais Nòah maille ri Dia.

Chan eil e an comas don t‑saoghal sibhse fhuathachadh; ach fuathaichidh e mise, do bhrìgh gu bheil mi a’ toirt fianais ma thimcheall, gu bheil a obraichean olc.

Oir nochdadh dhòmhsa, a bhràithrean, mur timcheall-se, leòsan a tha de theaghlach Chloe, gu bheil còmhstri nur measg.

Oir air tùs, nuair tha sibh a’ cruinneachadh an ceann a chèile anns an eaglais, tha mi a’ cluinntinn gu bheil roinnean nur measg; agus tha mi an cuid ga chreidsinn.

Tha e air aithris gu coitcheann gu bheil neòghlaine nur measg, agus a leithid sin de neòghlaine, nach eil uiread is air ainmeachadh am measg nan Cinneach, gum biodh aig neach bean a athar.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan