Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 37:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh Iàcob còmhnaidh anns an tìr anns an robh a athair na choigreach, ann an tìr Chanàain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus bheir mi dhutsa, agus dod shliochd ad dhèidh, am fearann anns a bheil thu ad choigreach, tìr Chanàain uile, mar sheilbh shìorraidh; agus bidh mise am Dhia dhaibh.

Is coigreach agus fear-cuairt mise maille ribh: thugaibh dhomh sealbh àit-adhlaic maille ribh, agus gun adhlaic mi mo mharbh as mo shealladh.

Agus gun tugadh e dhut beannachadh Abrahàim, dhutsa agus dod shliochd maille riut; a‑chum gun sealbhaich thu am fearann anns a bheil thu ad choigreach, a thug Dia do Abrahàm.

Ceann-feadhna Magdiel, ceann-feadhna Iram: is iad sin cinn-fheadhna Edoim, a rèir an àiteachan-còmhnaidh, ann an tìr an seilbh; is esan Esau, athair nan Edomach.

Oir bha an saoibhreas na bu mhò na gum faodadh iad còmhnaidh a ghabhail cuideachd; agus cha b’urrainn an tìr anns an robh iad nan coigrich an giùlan airson an sprèidhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan