Agus Basemat nighean Ismaeil, piuthar Nebaioit.
Agus is iad sin ainmean mic Ismaeil, nan ainmean a rèir an ginealaichean: ciad-ghin Ismaeil, Nebaiot; agus Cedar, agus Adbeel, agus Mibsam,
Agus bha Esau dà‑fhichead bliadhna a dh’aois; agus ghabh e mar mhnaoi Iudit, nighean Bheeri an t‑Hiteach, agus Basemat, nighean Elon an t‑Hiteach:
An sin chaidh Esau a dh’ionnsaigh Ismaeil, agus ghabh e Mahalat, nighean Ismaeil, mhic Abrahàim, piuthar Nebaioit, dha fhèin mar mhnaoi a thuilleadh air na mnathan a bha aige.
Is iad sin ainmean mic Esau: Eliphads mac Adah bean Esau, Reuel mac Bhasemait bean Esau.
Ghabh Esau a mhnathan de nigheanan Chanàain; Adah nighean Eloin an t‑Hiteach, agus Aholibamah nighean Anah, nighean Shibeoin an t‑Hibheach;
Agus rug Adah do Esau Eliphads; agus rug Basemat Reuel;