Agus chaidh Lot a‑mach, agus labhair e ra chleamhnan, a phòs a nigheanan, agus thubhairt e, Eiribh, rachaibh a‑mach as an àite seo, oir tha an Tighearna gus am baile seo a sgrios. Ach bha e mar neach a bha ri fanaid ann an sùilean a chleamhnan.
Agus bheir mi ort mionnachadh air an Tighearna, Dia nèimh agus Dia na talmhainn, nach gabh thu bean dom mhac de nigheanan nan Canàanach, am measg a bheil mise am chòmhnaidh:
Agus thubhairt Rebecah ri Isaac, Tha mi sgìth dem bheatha airson nigheanan Het: ma ghabhas Iàcob bean de nigheanan Het, mar iadsan a tha de nigheanan na dùthcha, ciod am math a nì mo bheatha dhòmhsa?
Agus maille rinne gabhaidh sibh còmhnaidh; agus bidh an tìr romhaibh; gabhaibh còmhnaidh, agus dèanaibh reic agus ceannachd innte, agus faighibh sealbh innte.
Nam briseamaid a‑rìs d’àitheantan, agus nan dèanamaid cleamhnas ri sluagh nan gràinealachd sin, nach biodh fearg ort rinn gus an cuireadh tu as dhuinn, air chor is nach biodh fuidheall no dol as ann?