Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 34:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh Hamor, athair Shecheim, a‑mach a dh’ionnsaigh Iàcoib, a labhairt ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

3 Iomraidhean Croise  

Agus chuala Iàcob gun do thruaill e Dinah a nighean. A‑nis bha a mhic maille ra sprèidh anns a’ mhachair; agus bha Iàcob na thosd gus an tàinig iad.

Agus thàinig mic Iàcoib on mhachair nuair a chuala iad e, agus bha na daoine duilich, agus bha fearg mhòr orra; a chionn gun do rinn e amaideachd ann an Israel, ann an laighe le nighinn Iàcoib, nì nach bu chòir a dhèanamh.

Agus thubhairt Gaal mac Ebeid, Cò e Abimelech, agus cò e Sechem, gun dèanamaid-ne seirbhis dha? Nach e mac Ierubàail e, agus Sebul, ceannard a shlòigh? Dèanaibh seirbhis do dhaoine Hamoir, athair Shecheim; oir carson a dhèanamaid seirbhis dhàsan?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan