Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 34:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuala Iàcob gun do thruaill e Dinah a nighean. A‑nis bha a mhic maille ra sprèidh anns a’ mhachair; agus bha Iàcob na thosd gus an tàinig iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus cha do labhair Absalom ri Amnon aon chuid olc no math: oir dh’fhuathaich Absalom Amnon, a chionn gun d’èignich e a phiuthar Tàmar.

Ach fhreagair esan agus thubhairt e ra athair, Feuch, tha mise a’ dèanamh seirbhis dhut an uiread seo de bhliadhnachan, agus uair air bith cha do bhris mi d’àithne, gidheadh cha tug thu meann riamh dhomh, a‑chum gum bithinn subhach maille rim chàirdean.

A‑nis bha a mhac a bu shine a‑muigh anns an fhearann: agus nuair a thàinig e, agus a thàr e am fagas don taigh, chuala e an ceòl agus an dannsa.

Ach dh’fhalbh Daibhidh agus thill e o Shaul, a dh’ionaltradh caoraich a athar ann am Betlehem.

Agus thubhairt Samuel ri Iese, A bheil do mhic uile an seo? Agus thubhairt esan, Dh’fhàgadh fhathast am mac as òige, agus, feuch, tha e ag ionaltradh nan caorach. Agus thubhairt Samuel ri Iese, Cuir fios air, agus thoir an seo e: oir cha suidh sinn sìos gus an tig e an seo.

Ach thubhairt mic Bheliail, Cionnas a shaoras am fear seo sinn? Agus rinn iad dìmeas air, agus cha tug iad tìodhlac sam bith da ionnsaigh: ach dh’fhan esan na thosd.

An sin thubhairt Maois ri Aaron, Is e seo an nì a labhair an Tighearna, ag ràdh, Anntasan a thig am fagas dhomh naomhaichear mise, agus an làthair an t‑sluaigh uile glòraichear mi. Agus dh’fhan Aaron na thosd.

Agus dh’atharraich e air an là sin fhèin na gobhair fhireann a bha stiallach agus ballach, agus na gobhair bhoireann uile a bha breac agus ballach, agus gach aon air an robh gile, agus gach aon a bha dubh-dhonn am measg nan caorach, agus thug e iad do làmhan a mhac.

Bha mi am thosd, cha d’fhosgail mi mo bheul, a chionn gur tusa a rinn e.

Agus labhair Sechem ri Hamor a athair, ag ràdh, Faigh dhòmhsa a’ ghruagach seo mar mhnaoi.

Agus chaidh Hamor, athair Shecheim, a‑mach a dh’ionnsaigh Iàcoib, a labhairt ris.

Gun abair sibhse, Bu luchd-sprèidhe do sheirbhisich o ar n‑òige eadhon gus a‑nis, sinn fhèin agus mar an ceudna ar n‑athraichean; a‑chum is gun gabh sibh còmhnaidh ann am fearann Ghòsein, oir is gràinealachd do na h‑Eiphitich gach buachaille sprèidhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan