Agus mise, càit an cuir mi air falbh mo mhasladh? Agus air do shon-sa, bidh tu mar aon de na h‑amadain ann an Israel: a‑nis uime sin labhair, guidheam ort, ris an rìgh; oir cha chùm e uat mi.
Gabhaibh mnathan, agus ginibh mic agus nigheanan; agus gabhaibh mnathan dur mic, agus thugaibh ur nigheanan do fhir, a‑chum gum beir iad mic agus nigheanan; a‑chum gum meudaichear sibh anns an àite sin, agus nach lùghdaichear sibh.
Agus thàinig e a‑nìos, agus dh’innis e da athair agus da mhàthair, agus thubhairt e, Chunnaic mi bean ann an Timnat de nigheanan nam Philisteach; agus a‑nis faighibh i dhòmhsa na mnaoi.