A‑nis uime sin èirich, falbh a‑mach, agus labhair gu coibhneil rid sheirbhisich: oir bheir mise mo mhionnan air an Tighearna, mura tèid thu a‑mach, nach fan duine maille riut a‑nochd: agus bidh sin nas miosa dhut na gach olc a thàinig ort od òige gus a‑nis.
Agus labhair Heseciah gu coibhneil ris na Lèbhithich uile, a theagaisg eòlas math an Tighearna; agus dh’ith iad air an fhèill rè seachd làithean, ag ìobradh ìobairtean-sìth, agus a’ cliùthachadh an Tighearna, Dia an athraichean.
Labhraibh gu sòlasach ri Ierusalem; agus glaodhaibh rithe gun do choileanadh a cogadh, gun do ghlanadh a h‑aingidheachd; oir fhuair i o làimh an Tighearna a dhà uiread ra h‑uile pheacaidhean.
Agus dh’èirich a fear, agus chaidh e na dèidh, a‑chum gun labhradh e ra cridhe, agus gun tugadh e air a h‑ais i, agus a òganach maille ris, agus dà asal, agus thug i a‑steach e do thaigh a h‑athar; agus nuair a chunnaic athair na h‑ighinn e, chaidh e le gàirdeachas na choinneamh.
Agus thàrladh nuair a chuir e crìoch air labhairt ri Saul, gun do cheangladh anam Ionatain ri anam Dhaibhidh, agus ghràdhaich Ionatan e mar a anam fhèin.