Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 34:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha na daoine seo sìochail maille rinn; air an adhbhar sin gabhadh iad còmhnaidh anns an tìr, agus dèanadh iad reic agus ceannachd innte; a‑thaobh an fhearainn, feuch, tha e farsaing nas leòr dhaibh: an nigheanan-san gabhaidh sinne dhuinne mar mhnathan, agus ar nigheanan-ne bheir sinne dhaibhsan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus maille rinne gabhaidh sibh còmhnaidh; agus bidh an tìr romhaibh; gabhaibh còmhnaidh, agus dèanaibh reic agus ceannachd innte, agus faighibh sealbh innte.

Agus thàinig Hamor agus Sechem a mhac gu geata am baile, agus labhair iad ri daoine am baile, ag ràdh,

A‑mhàin anns an nì seo aontaichidh na daoine leinn, gu còmhnaidh a ghabhail maille rinn, gu bhith nar n‑aon sluagh, ma thimcheall-ghearrar gach fireannach againne, mar a tha iadsan air an timcheall-ghearradh.

Agus thugaibh ur bràthair as òige am ionnsaigh-sa; an sin bidh fhios agam nach luchd-brathaidh sibh, ach gur daoine fìrinneach sibh: mar sin bheir mise ur bràthair dhuibh, agus nì sibh ceannachd anns an tìr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan