Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 34:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Sechem ra h‑athair agus ra bràithrean, Faigheam deagh-ghean nur sùilean; agus ge bè nì a their sibh rium, bheir mi dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Mo thighearna, ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, guidheam ort, na rach seachad air do sheirbhiseach;

Agus thill na teachdairean gu Iàcob, ag ràdh, Thàinig sinn a dh’ionnsaigh do bhràthar Esau, agus mar an ceudna tha e a’ teachd ad chòmhdhail agus ceithir cheud fear maille ris.

Agus thubhairt Esau, Leig leam a‑nis cuid den mhuinntir a tha maille rium fhàgail maille riut. Agus thubhairt esan, Carson sin? Faigheam-sa deagh-ghean ann an sùilean mo thighearna.

Agus maille rinne gabhaidh sibh còmhnaidh; agus bidh an tìr romhaibh; gabhaibh còmhnaidh, agus dèanaibh reic agus ceannachd innte, agus faighibh sealbh innte.

Air a mheud is gun dèan sibh an dubhairidh orm, agus an tìodhlac, bheir mi dhuibh eadhon mar a their sibh rium: a‑mhàin thugaibh dhomh a’ ghruagach mar mhnaoi.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan