Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 33:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir e na banoglaich agus an clann air thoiseach, agus Lèah agus a clann nan dèidh, agus Rachel agus Iòseph air dheireadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus bha aig Làban dithis nighean; b’e ainm na tè a bu shine Lèah, agus ainm na tè a b’òige Rachel.

Agus chaidh e a‑steach cuideachd a dh’ionnsaigh Racheil, agus ghràdhaich e mar an ceudna Rachel nas mò na Lèah, agus rinn e seirbhis maille ris fhathast seachd bliadhna eile.

Agus thog Iàcob suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha Esau a’ teachd, agus maille ris ceithir cheud fear. Agus roinn e a’ chlann do Lèah, agus do Rachel, agus don dà bhanoglaich.

Agus chaidh e fhèin air aghaidh romhpa, agus chrom e e fhèin gu làr seachd uairean, gus an tàinig e dlùth da bhràthair.

Agus bu docha le Israel Iòseph na a mhic uile, a chionn gum b’e mac a sheann aois e: agus rinn e dha còta de iomadh dath.

Maslaichear ur màthair gu mòr, nàraichear ise a rug sibh; feuch ise, deireadh nan cinneach na fàsach, na fearann tioram agus falamh.

Bidh iad leamsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, anns an là sin anns an dèan mi suas mo sheudan; agus coiglidh mi iad, mar a choigleas duine a mhac fhèin a tha a’ dèanamh seirbhis dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan