Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 32:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Iàcob, O Dhè m’athar Abrahàm, agus a Dhè m’athar Isaac, a Thighearna a thubhairt rium, Till gud dhùthaich, agus gud dhìlsean, agus nì mi math dhut:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus daingnichidh mi mo choicheangal eadar mise agus thusa agus do shliochd ad dhèidh nan ginealaichean, mar choicheangal sìorraidh, gu bhith am Dhia dhutsa agus dod shliochd ad dhèidh.

Agus, feuch, sheas an Tighearna os a chionn, agus thubhairt e, Is mise an Tighearna, Dia Abrahàim d’athair, agus Dia Isaaic: am fearann air a bheil thu ad laighe, bheir mise dhut e, agus dod shliochd;

Agus, feuch, tha mise maille riut, agus gleidhidh mi thu anns gach àite don tèid thu, agus bheir mi a‑rìs thu a dh’ionnsaigh na tìre seo; oir cha trèig mi thu, gus an dèan mi an nì sin a labhair mi riut.

Is mise Dia Bheteil, far an d’ung thu an carragh, far an do bhòidich thu dhòmhsa bòid: a‑nis èirich, imich a‑mach as an tìr seo, agus till gu tìr do dhìlsean.

Tha e an comas mo làimhe-sa cron a dhèanamh ort: ach labhair Dia d’athar rium a‑raoir, ag ràdh, Thoir an aire nach labhair thu ri Iàcob aon chuid math no olc.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iàcob, Till gu dùthaich d’athraichean agus a dh’ionnsaigh do dhìlsean; agus bidh mise maille riut.

Mura biodh gu robh Dia m’athar, Dia Abrahàim, agus eagal Isaaic maille rium, gu cinnteach chuireadh tu a‑nis air falbh mi falamh. Chunnaic Dia m’àmhghar agus saothair mo làmh, agus chronaich e thu a‑raoir.

Gun tugadh Dia Abrahàim, agus Dia Nahoir, Dia an athar, breith eadarainn. Agus mhionnaich Iàcob air eagal a athar, Isaac.

Agus thubhairt e, Ma thig Esau gu aon de na buidhnean, agus gum buail e i, an sin thèid a’ bhuidheann a dh’fhanas as uaithe.

Eadhon le Dia d’athar, a nì còmhnadh leat, agus leis an Uile-chumhachdach, a bheannaicheas thu le beannachdan nèimh on àirde, beannachdan na doimhne shìos, beannachdan nan cìoch, agus na bronn.

O ar Dia, nach toir thu breith orra? Oir chan eil neart againne an aghaidh an t‑sluaigh mhòir seo a tha a’ teachd oirnn: agus chan eil fhios againn ciod a nì sinn; ach ortsa tha ar sùilean.

Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè ar n‑athraichean, nach tusa Dia anns na nèamhan? Agus nach eil thu a’ riaghladh os cionn uile rìoghachdan nan cinneach? Agus ann ad làimh-sa nach eil neart agus cumhachd, air chor is nach eil neach air bith comasach air seasamh ad aghaidh?

Agus rinn Heseciah an rìgh agus am fàidh Isaiah mac Amois, ùrnaigh airson seo, agus ghlaodh iad gu nèamh.

Agus gairm orm ann an là teanntachd; saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhòmhsa.

Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.

Thubhairt e mar an ceudna, Is mise Dia d’athar, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. Agus dh’fhalaich Maois a aghaidh; oir bha eagal air amharc air Dia.

A‑nis nuair a thug mi seachad sgrìobhadh na ceannachd do Bharuch mac Neriah, rinn mi ùrnaigh ris an Tighearna, ag ràdh,

Agus bha Daibhidh ann an teanntachd mhòir; oir labhair an sluagh ma chlachadh, do bhrìgh gu robh anam an t‑sluaigh uile air a chràdh, gach duine airson a chuid mhac, agus airson a nigheanan: ach ghabh Daibhidh misneach dha fhèin anns an Tighearna a Dhia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan