Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 32:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thill na teachdairean gu Iàcob, ag ràdh, Thàinig sinn a dh’ionnsaigh do bhràthar Esau, agus mar an ceudna tha e a’ teachd ad chòmhdhail agus ceithir cheud fear maille ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thug e leis a sprèidh uile, agus a mhaoin uile a fhuair e, sprèidh a chosnaidh, a fhuair e am Padan-àram, gu dol a dh’ionnsaigh Isaaic a athair gu tìr Chanàain.

Saor mi, guidheam ort, o làimh mo bhràthar, o làimh Esau: oir tha eagal orm roimhe, gun tig e, agus gum buail e mi, agus a’ mhàthair maille ris a’ chloinn.

Agus bha Iàcob fo eagal mòr, agus ann an airc; agus roinn e an sluagh a bha maille ris, agus na treudan, agus an crodh, agus na càmhail nan dà bhuidhinn;

Agus thubhairt e, Ma thig Esau gu aon de na buidhnean, agus gum buail e i, an sin thèid a’ bhuidheann a dh’fhanas as uaithe.

Agus thog Iàcob suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha Esau a’ teachd, agus maille ris ceithir cheud fear. Agus roinn e a’ chlann do Lèah, agus do Rachel, agus don dà bhanoglaich.

Agus thubhairt Esau, Leig leam a‑nis cuid den mhuinntir a tha maille rium fhàgail maille riut. Agus thubhairt esan, Carson sin? Faigheam-sa deagh-ghean ann an sùilean mo thighearna.

Agus thubhairt e, Ciod as ciall dhut leis an iomain seo uile, a choinnich mi? Agus thubhairt esan, Gu deagh-ghean fhaghail ann an sùilean mo thighearna.

Agus thubhairt Sechem ra h‑athair agus ra bràithrean, Faigheam deagh-ghean nur sùilean; agus ge bè nì a their sibh rium, bheir mi dhuibh.

Agus thubhairt iadsan, Ghlèidh thu beò sinn: faigheamaid deagh-ghean ann an sealladh mo thighearna, agus bidh sinn nar seirbhisich do Phàraoh.

Ceart mar gun teicheadh duine o leòmhann, agus gun coinnicheadh math-ghamhainn e; no gun rachadh e a‑steach da thaigh, agus a làmh a leigeadh air a’ bhalla, agus gun dèanadh nathair a theumadh;

Agus thubhairt ise, Faigheam deagh-ghean ad shùilean, mo Thighearna, do bhrìgh gun tug thu sòlas dhomh, agus gun do labhair thu gu coibhneil rid bhanoglaich, ged nach eil mi cosmhail ri aon ded ghruagaichean-sa.

Agus thubhairt Rut, a’ bhan-Mhòabach, ri Naòmi, Leig dhomh a‑nis dol don achadh, agus diasan arbhair a dhìoghlam an dèidh an tì sin aig am faigh mi deagh-ghean na shùilean. Agus thubhairt i rithe, Falbh, mo nighean.

Agus thubhairt ise, Faigheadh do bhanoglach deagh-ghean ad shùilean. Agus dh’imich a’ bhean roimhpe, agus dh’ith i, agus cha robh a gnùis na b’fhaide dubhach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan