Agus tha agam buar, agus asail, treudan, agus òglaich, agus banoglaich; agus chuir mi a dh’innse dom thighearna, a‑chum gum faighinn deagh-ghean ad shùilean.
Gabh, guidheam ort, mo bheannachadh a thugadh ad ionnsaigh, do bhrìgh gun do bhuin Dia gu toirbheartach rium, agus gu bheil agam mòr phailteas: agus rinn e ro‑earail air, agus ghabh e e.
Agus thubhairt Esau, Leig leam a‑nis cuid den mhuinntir a tha maille rium fhàgail maille riut. Agus thubhairt esan, Carson sin? Faigheam-sa deagh-ghean ann an sùilean mo thighearna.
Agus thubhairt e, Ciod as ciall dhut leis an iomain seo uile, a choinnich mi? Agus thubhairt esan, Gu deagh-ghean fhaghail ann an sùilean mo thighearna.
An sin thubhairt an rìgh ri Siba, Feuch, is leatsa gach nì a bha aig Mephiboset. Agus thubhairt Siba, Tha mi le mòr-ùmhlachd a’ guidhe ort gum faigh mi deagh-ghean ad shùilean, a thighearna, a rìgh.
Ach ma their an seirbhiseach sin na chridhe, Tha mo thighearna a’ cur dàile na theachd; agus ma thòisicheas e air na h‑òglaich agus na banoglaich a bhualadh, agus ithe, agus òl, agus a bhith air mhisg:
Agus thubhairt Rut, a’ bhan-Mhòabach, ri Naòmi, Leig dhomh a‑nis dol don achadh, agus diasan arbhair a dhìoghlam an dèidh an tì sin aig am faigh mi deagh-ghean na shùilean. Agus thubhairt i rithe, Falbh, mo nighean.
Agus thubhairt ise, Faigheadh do bhanoglach deagh-ghean ad shùilean. Agus dh’imich a’ bhean roimhpe, agus dh’ith i, agus cha robh a gnùis na b’fhaide dubhach.