Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 32:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin chan ith clann Israeil den fhèith a chrup, a tha air lag na slèisde, gus an là‑an‑diugh; a chionn gun do bhean e ri lag-slèisde Iàcoib anns an fhèith a chrup.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic e nach do bhuadhaich e air, an sin bhean e ri lag a shlèisde; agus chaidh lag-slèisde Iàcoib as an alt nuair a bha e a’ gleac ris.

Agus dh’èirich a’ ghrian air, nuair a chaidh e seach Penuel, agus bha e bacach air a shliasaid.

Agus thog Iàcob suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha Esau a’ teachd, agus maille ris ceithir cheud fear. Agus roinn e a’ chlann do Lèah, agus do Rachel, agus don dà bhanoglaich.

Agus thog Ierobòam Sechem ann an sliabh Ephraim, agus chòmhnaich e ann; agus chaidh e a‑mach as a sin, agus thog e Penuel.

Agus chaidh e suas a sin gu Penuel, agus labhair e riùsan air a’ mhodh cheudna: agus fhreagair daoine Phenueil e, mar a fhreagair daoine Shucoit.

Uime sin cha saltair sagartan Dhàgoin, no neach air bith a thèid a‑steach do thaigh Dhàgoin, air stairsnich Dhàgoin ann an Asdod gus an là‑an‑diugh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan