Saor mi, guidheam ort, o làimh mo bhràthar, o làimh Esau: oir tha eagal orm roimhe, gun tig e, agus gum buail e mi, agus a’ mhàthair maille ris a’ chloinn.
Agus bha Iàcob fo eagal mòr, agus ann an airc; agus roinn e an sluagh a bha maille ris, agus na treudan, agus an crodh, agus na càmhail nan dà bhuidhinn;
Rachadh, guidheam ort, mo thighearna seachad ro a sheirbhiseach: agus gabhaidh mise an t‑slighe gu socrach, a rèir mar a bhios an sprèidh a tha romham, agus a’ chlann, comasach air fhulang, gus an tig mi a dh’ionnsaigh mo thighearna gu Seir.
Agus rinn Elisa ùrnaigh, agus thubhairt e, A Thighearna, fosgail, guidheam ort, a shùilean, a‑chum is gum faic e. Agus dh’fhosgail an Tighearna sùilean an òganaich, agus chunnaic e; agus, feuch, bha an sliabh làn each, agus de charbadan teine mun cuairt air Elisa.
Agus is e seo àireamh nan daoine armaichte a‑chum cogaidh, a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, a thionndadh rìoghachd Shauil da ionnsaigh-san a rèir facal an Tighearna:
Mu thimcheall Edoim. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Nach eil gliocas nas mò ann an Teman? An do bhàsaich comhairle nan daoine glice? An deachaidh an gliocas am mugha?
Feuch, cuiridh mise a‑mach mo theachdaire, agus ullaichidh e an t‑slighe romham; agus thig an Tighearna a tha sibh ag iarraidh gu a theampall gu grad; eadhon teachdaire a’ choicheangail, anns a bheil ur tlachd; feuch thig esan, deir Tighearna nan sluagh.
Mar a rinn e ri cloinn Esau a bha a chòmhnaidh ann an Seir, nuair a sgrios e na Horaich romhpa; agus thàinig iad nan dèidh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite, eadhon gus an là‑an‑diugh: