Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 32:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Iàcob, nuair a chunnaic e iad, Is e seo feachd Dhè: agus thug e Mahanaim mar ainm air an àite sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

An sin thàinig Daibhidh gu Mahanaim; agus chaidh Absalom thar Iòrdan, e fhèin agus fir Israeil uile maille ris.

Agus chaidh Abner mac Neir, agus seirbhisich Isboseit mhic Shauil a‑mach o Mhahanaim gu Gibeon.

Ach ghabh Abner mac Neir, ceannard armailt Shauil, Isboset mac Shauil, agus thug e thairis e gu Mahanaim:

Agus, feuch, maille riut tha Simei, mac Ghera, Beniàmineach o Bhahurim, a mhallaich mise le mallachadh geur, anns an là anns an deachaidh mi do Mhahanaim: ach thàinig e a‑nuas am choinneamh gu Iòrdan, agus mhionnaich mi dha air an Tighearna, ag ràdh, Cha chuir mi gu bàs leis a’ chlaidheamh thu.

Ahinadab mac Ido ann am Mahanaim:

Agus rinn Elisa ùrnaigh, agus thubhairt e, A Thighearna, fosgail, guidheam ort, a shùilean, a‑chum is gum faic e. Agus dh’fhosgail an Tighearna sùilean an òganaich, agus chunnaic e; agus, feuch, bha an sliabh làn each, agus de charbadan teine mun cuairt air Elisa.

Oir mun àm sin là an dèidh là, thàinig iad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh a chòmhnadh leis, gus an robh feachd mòr ann, mar fheachd Dhè.

Beannaichibh an Tighearna, a shlòigh uile, sibhse a luchd-frithealaidh a tha a’ dèanamh a thoile.

Molaibh e, a ainglean uile; molaibh e, a shlòigh uile.

Cò e seo Rìgh na glòire? Tighearna nan slògh, is esan Rìgh na glòire. Selah.

Campaichidh aingeal an Tighearna man timcheall-san don eagal e, agus teasairgidh e iad.

Till, till, a bhan-Shulamach, till, till, agus amhairceamaid ort. Carson a dh’amhairceadh sibh air a’ bhan-Shulamaich mar bhuidheann dà fheachd?

An sin thubhairt e, A bheil fhios agad carson a thàinig mi ad ionnsaigh? Agus a‑nis tillidh mi gu cogadh ri prionnsa Phersia: agus nuair a thèid mise a‑mach, feuch, thig prionnsa na Grèige.

Agus air ball bha maille ris an aingeal cuideachd mhòr de armailtean nèimh, a’ moladh Dhè, agus ag ràdh,

Agus à treubh Ghad, Ramot ann an Gilead le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Mahanaim le a fhearann co‑roinn,

Agus thubhairt e, Chan ann: ach mar cheannard sluagh an Tighearna tha mi a‑nis air teachd. Agus thuit Iosua air a aghaidh air an talamh, agus rinn e adhradh, agus thubhairt e ris, Ciod a tha mo thighearna ag ràdh ra sheirbhiseach?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan