Agus nì mi do shliochd mar dhuslach na talmhainn: ionnas, ma bhios e an comas do dhuine duslach na talmhainn àireamh, an sin gun àirmhear do shliochd-sa mar an ceudna.
Agus thug e leis a‑mach e, agus thubhairt e, Amhairc a‑nis suas gu nèamh, agus àireamh na reultan, mas urrainn thu an àireamh: agus thubhairt e ris, Mar seo bidh do shliochd.
Agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha triùir dhaoine a’ seasamh làimh ris: agus nuair a chunnaic e iad, ruith e nan coinneamh o dhoras a bhùtha, agus chrom e e fhèin gu làr.
Gum beannaich mi thu gu mòr, agus gun dèan mi do shliochd ro‑lìonmhor eadhon mar reultan nèimh, agus mar a’ ghaineamh, a tha air tràigh na fairge: agus sealbhaichidh do shliochd geata an naimhdean;
Agus thubhairt Iàcob, Chan eadh, guidheam ort, ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, an sin gabh mo thìodhlac om làimh: oir uime sin chunnaic mi do ghnùis, mar gum faicinn gnùis Dhè, agus thaitinn mi riut.
Agus thubhairt e, Ciod as ciall dhut leis an iomain seo uile, a choinnich mi? Agus thubhairt esan, Gu deagh-ghean fhaghail ann an sùilean mo thighearna.
Agus bha Iòseph na uachdaran air an tìr: b’esan a bha a’ reic ri sluagh na tìre uile. Agus thàinig bràithrean Iòseiph, agus chrom iad iad fhèin sìos dha, len aghaidh gu làr.
Agus thubhairt Israel an athair riu, Ma dh’fheumas a’ chùis a bhith mar sin a‑nis, dèanaibh seo; gabhaibh den toradh as fheàrr anns an tìr nur soithichean, agus thugaibh sìos tìodhlac don duine; beagan ìocshlaint, agus beagan meala, spìosraidh, agus mirr, cnothan, agus almoinean:
Uime sin shuidhich mi anns na h‑àitean a b’ìsle air cùlaibh a’ bhalla, agus air na h‑àitean a b’àirde, shuidhich mi eadhon an sluagh a rèir an teaghlaichean len claidheamhan, len sleaghan, agus lem boghachan.
Agus a‑nis am beannachadh seo, a thug do bhanoglach a dh’ionnsaigh mo thighearna, thugar e eadhon do na h‑òganaich a tha a’ siubhal an cois mo thighearna.
Feòraich ded òganaich, agus innsidh iad dhut: faigheadh, matà, na h‑òganaich deagh-ghean ad shùilean, oir air là math thàinig sinn: thoir, guidheam ort, dod sheirbhisich agus dod mhac Daibhidh ge bè nì a thig a dh’ionnsaigh do làimhe.