Saor mi, guidheam ort, o làimh mo bhràthar, o làimh Esau: oir tha eagal orm roimhe, gun tig e, agus gum buail e mi, agus a’ mhàthair maille ris a’ chloinn.
Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia mo mhaighistir Abrahàm, nach do bhuin a thròcair agus a fhìrinn om mhaighistir; air dhòmhsa a bhith anns an t‑slighe stiùir an Tighearna mi gu taigh bràithrean mo mhaighistir.
Agus dh’fhuathaich Esau Iàcob airson a’ bheannachaidh leis an do bheannaich a athair e: agus thubhairt Esau na chridhe, Tha làithean a’ bhròin airson m’athar am fagas, agus an sin marbhaidh mi mo bhràthair Iàcob.
Agus dh’innseadh do Rebecah briathran Esau, a mac a bu shine, agus chuir i teachdaire uaipe, agus ghairm i air Iàcob, a mac a b’òige, agus thubhairt i ris, Feuch, tha do bhràthair Esau a’ toirt comhfhurtachd dha fhèin dod thaobh-sa, a’ cur roimhe do mharbhadh.
Agus bha Iàcob fo eagal mòr, agus ann an airc; agus roinn e an sluagh a bha maille ris, agus na treudan, agus an crodh, agus na càmhail nan dà bhuidhinn;
An sin chaidh rìgh Daibhidh a‑steach, agus shuidh e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cò mise, O Thighearna Dhè, agus ciod e mo thaigh, gun tug thu mi gu ruige seo?
Mas ann mar sin a bhios, tha ar Dia-ne, dom bheil sinn a’ toirt seirbhis, comasach air ar saoradh on àmhainn theinntich, dhian-loisgich, agus nì e ar saoradh as do làimh-sa, O rìgh.
Uime sin èiridh buaireas am measg do shluaigh, agus bidh d’uile dhaingnichean air am milleadh, amhail a mhill Salmon Bet-arbel ann an là a’ chatha; ghearradh nam bloighdean a’ mhàthair agus a’ chlann le chèile.
Ma thàrlas do nead eòin a bhith romhad anns an t‑slighe ann an craoibh sam bith, no air làr, mas eòin òga iad, no uibhean, agus a’ mhàthair na suidhe air an àlach, no air na h‑uibhean, cha ghlac thu a’ mhàthair maille ris an àlach:
Agus ghlaodh iad ris an Tighearna, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, do bhrìgh gun do thrèig sinn an Tighearna, agus gun do rinn sinn seirbhis do Bhàalim agus Astarot; ach a‑nis saor sinn à làimh ar naimhdean, agus nì sinn seirbhis dhut.
Uime sin biodh an Tighearna na bhritheamh, agus thugadh e breith eadar mise agus thusa, agus faiceadh e, agus tagradh e mo chùis, agus saoradh e mi as do làimh.