Agus dh’imich Iàcob air a shlighe, agus choinnich ainglean Dhè e.
Agus dh’imich an Tighearna roimhe, nuair a sguir e de labhairt ri Abrahàm: agus thill Abrahàm ga àite fhèin.
Agus bheannaich iad Rebecah, agus thubhairt iad rithe, Is tu ar piuthar, bi‑sa ad mhàthair mhìltean de mhuilleanan; agus sealbhaicheadh do shliochd geata na muinntir sin leis am fuathach iad.
Agus nach do leig thu leam mo mhic agus mo nigheanan a phògadh? A‑nis is amaideach a fhuaireadh thu le seo a dhèanamh.
Campaichidh aingeal an Tighearna man timcheall-san don eagal e, agus teasairgidh e iad.
Oir bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, a‑chum do ghleidheadh ann ad shlighean uile.
Mas e Pòl, no Apollos, no Cèphas, no an saoghal, no beatha, no bàs, no nithean a tha làthair, no nithean a tha ri teachd; is leibhse iad uile;
A‑chum gun dèante aithnichte a‑nis do na h‑uachdaranachdan, agus do na cumhachdan ann an ionadan nèamhaidh, leis an eaglais, gliocas eugsamhail Dhè.
Air dha a bhith air a dhèanamh nas ro‑òirdheirce na na h‑aingil, a mheud is gun d’fhuair e mar oighreachd ainm a bu ro‑fheàrr na iadsan.