Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 31:44

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis uime sin thig-sa, dèanamaid coicheangal, mise agus thusa; agus biodh e mar fhianais eadar mise agus thusa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Ach a‑chum gum bi i na fianais eadar sinne agus sibhse, agus ar sliochd nar dèidh, a‑chum gun dèan sinn seirbhis an Tighearna na làthair le ar tabhartasan-loisgte, agus le ar n‑ìobairtean, agus le ar tabhartasan-sìth, a‑chum nach abair ur clann-se ri ar cloinn-ne anns an àm ri teachd, Chan eil cuibhreann agaibh anns an Tighearna.

Gabhaibh leabhar an lagha seo, agus cuiribh e aig taobh àirc coicheangal an Tighearna ur Dia, a‑chum gum bi e an sin mar fhianais ad aghaidh.

Agus tàrlaidh, nuair a thig mòran olc agus àmhgharan orra, gun labhair an laoidh seo mar fhianais nan aghaidh; oir cha dìochuimhnichear i à beul an sliochd: oir is aithne dhomh an smuaintean a tha iad a’ dealbh an‑diugh fhèin, mun tug mi a‑steach iad don fhearann a mhionnaich mi.

A‑nis uime sin sgrìobhaibh-se dhuibh fhèin an laoidh seo, agus teagaisgibh i do chloinn Israeil: cuir i nam beul, a‑chum gum bi an laoidh seo mar fhianais dhòmhsa an aghaidh chloinn Israeil.

Biodh an càrn seo na fhianais, agus biodh an carragh seo na fhianais, nach tèid mise ad ionnsaigh-sa thar a’ chàrn seo, agus nach tig thusa am ionnsaigh-sa thar a’ chàrn seo, agus a’ charragh seo, gu cron.

Agus thubhairt Làban, Tha an càrn seo na fhianais eadar mise agus thusa an‑diugh. Uime sin thugadh Galeed mar ainm air;

Air an là sin fhèin rinn an Tighearna coicheangal ri Abram, ag ràdh, Dod shliochd-sa thug mi am fearann seo, o abhainn na h‑Eiphit gu ruig an abhainn mhòr, abhainn Euphràtes:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan