Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 31:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuala e briathran mic Làbain, ag ràdh, Thug Iàcob leis gach nì a bha aig ar n‑athair, agus on nì sin a bu le ar n‑athair-ne fhuair e dha fhèin a’ mhòrachd seo uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhàs an duine ro‑shaoibhir; agus bha mòran sprèidhe aige, agus banoglaich, agus òglaich, agus càmhail, agus asail.

Agus chunnaic Iàcob gnùis Làbain, agus, feuch, cha robh i leis mar a bha i roimhe sin.

Agus fhreagair Làban, agus thubhairt e ri Iàcob, Na nigheanan seo is iad mo nigheanan-sa, agus an sprèidh seo mo sprèidh-sa; agus gach nì a tha thu a’ faicinn, is leamsa e: agus ciod a dh’fhaodas mi a dhèanamh an‑diugh rim nigheanan seo, no rin cloinn a rug iad?

Agus innsidh sibh dom athair mo ghlòir-sa uile anns an Eiphit, agus gach nì a chunnaic sibh; agus nì sibh cabhag, agus bheir sibh a‑nuas m’athair an seo.

Agus chuir Hàman an cèill dhaibh mòrachd a bheartais, agus lìonmhorachd a mhac, agus gach nì leis an do rinn an rìgh mòr e, agus mar a dh’àrdaich e e os cionn nan uachdaran, agus seirbhisich an rìgh.

Mura dubhairt fir mo phàillein, Och nach robh sinn air ar sàsachadh le a fheòil!

O dhaoine led làimh, a Thighearna, o dhaoine an t‑saoghail, dom bheil an cuibhreann anns a’ bheatha seo, agus don do lìon thu am brù led ionmhas falaichte: sàsaichear an clann, agus fàgaidh iad am fuidheall dan naoidheanan.

Tha m’anam am measg leòmhann; tha mi am laighe am measg dream air lasadh, daoine aig a bheil am fiaclan nan sleaghan agus nan saighdean, agus an teanga na claidheamh geur.

Is e beatha na feòla cridhe fallain; ach is e lobhadh nan cnàmh am farmad.

Is an‑iochdmhor corraich, agus mar thuil tha fearg: ach cò as urrainn seasamh am fianais tnù?

A‑rìs, dh’amhairc mi air gach uile shaothair agus gach uile obair cheirt, gur fàth farmaid do dhuine o a choimhearsnach i. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.

Air an adhbhar sin mheudaich an uaigh a cìocras, agus dh’fhosgail i a beul thar tomhas; agus thèid an glòir, agus am mòr-shluagh, agus an greadhnachas, agus esan a tha ri aighear, sìos da h‑ionnsaigh.

Mar seo deir an Tighearna, Na dèanadh an duine glic uaill as a ghliocas, agus na dèanadh an duine neartmhor uaill as a neart, agus na dèanadh an duine saoibhir uaill as a shaoibhreas:

Feuch gach aon a ghnàthaicheas sean-fhacail, gnàthaichidh e an sean-fhacal seo ad aghaidh, ag ràdh, Mar a’ mhàthair is amhlaidh an nighean.

Thug an diabhal e a‑rìs a‑chum beinne ro‑àird, agus nochd e dha uile rìoghachdan an domhain, agus an glòir;

Tha e uaibhreach, gun eòlas aige air nì sam bith, ach tha e as a chèill mu thimcheall cheistean, agus bhriathar-connsachaidh, on tig farmad, còmhstri, ana-cainnt, droch amharasan.

Oir bha sinne fhèin uaireigin eu‑cèillidh, eas-umhail, air seachran, a’ dèanamh seirbhis do iomadh gnè ana-miann agus an‑toilean, a’ caitheamh ar beatha ann am mìorun agus am farmad, fuath-thoillteannach, agus a’ toirt fuath da chèile.

Oir tha gach uile fheòil mar fheur, agus uile ghlòir dhaoine mar bhlàth an fheòir. Seargaidh am feur, agus tuitidh a bhlàth dheth:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan