Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 30:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nuair a chunnaic Lèah gun do sguir i de bhreith cloinne, ghabh i Silpah a banoglach, agus thug i do Iàcob mar mhnaoi i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Sàrai, bean Abraim, Hàgar a’ bhan-Eiphiteach, a banoglach fhèin, an dèidh do Abram còmhnaidh a ghabhail deich bliadhna ann an tìr Chanàain, agus thug i i da fear Abram gu bhith aige mar mhnaoi.

Agus thug Làban da nighinn Lèah Silpah, a bhanoglach fhèin, mar bhanoglaich.

Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i mac; agus thubhairt i, A‑nis molaidh mi an Tighearna: uime sin thug i Iùdah mar ainm air. Agus sguir i de bhreith cloinne.

Agus rug Silpah, banoglach Lèah, mac do Iàcob.

Agus dh’èisd Dia ri Lèah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i do Iàcob an còigeamh mac.

Agus thug i dha Bilhah a banoglach mar mhnaoi; agus chaidh Iàcob a‑steach da h‑ionnsaigh.

Agus thubhairt Rachel, Le mòr-ghleac ghleac mi rim phiuthair, agus thug mi buaidh: agus thug i Naphtali mar ainm air.

Is iad sin mic Shilpah, a thug Làban da nighinn Lèah; agus rug i iad sin do Iàcob, eadhon sia-anaman-deug.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan