Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 30:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Rachel, Le mòr-ghleac ghleac mi rim phiuthair, agus thug mi buaidh: agus thug i Naphtali mar ainm air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Eisd rinne, mo thighearna: is uachdaran cumhachdach thusa nar measg-ne; ann an roghainn ar n‑àiteachan-adhlaic adhlaic do mharbh: cha chùm duine nar measg-ne a àit-adhlaic uat, gud mharbh adhlac ann.

Agus dh’fhàs Bilhah, banoglach Racheil, torrach a‑rìs, agus rug i do Iàcob an dara mac.

Nuair a chunnaic Lèah gun do sguir i de bhreith cloinne, ghabh i Silpah a banoglach, agus thug i do Iàcob mar mhnaoi i.

Agus mic Bhilhah, banoglach Racheil: Dan agus Naphtali:

Agus mic Naphtali: Iahseel, agus Guni, agus Ieser, agus Sillem.

Is eilid air a leigeadh fuasgailte Naphtali; bheir e facail thaitneach uaithe.

Guidhibh-se air an Tighearna (oir is leòr e) nach bi tàirneanach anabarrach agus clach-mheallain ann nas mò; agus leigidh mise leibh falbh, agus chan fhan sibh nas fhaide.

An sin treubh Naphtali: agus bidh Ahira mac Enain na cheannard air cloinn Naphtali.

Agus air dha Nàsaret fhàgail, thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann an Capernàum, a tha ri taobh na fairge, ann an leth-iomall Shabuloin agus Nephtalim:

Agus mu Naphtali thubhairt e, O Naphtali, sàsaichte le deagh-ghean, agus làn de bheannachadh an Tighearna, sealbhaich thusa an àird an iar agus an àird a deas.

Agus bha ball-chrith anns an fheachd anns a’ mhachair, agus am measg an t‑sluaigh uile: bha crith mar an ceudna air an fhreiceadan agus air an luchd-millidh fhèin, agus chriothnaich an talamh; agus bha i na crith ro‑mhòir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan