Agus dh’fhàs Bilhah, banoglach Racheil, torrach a‑rìs, agus rug i do Iàcob an dara mac.
Agus thubhairt Rachel, Thug Dia breith orm, agus dh’èisd e mar an ceudna rim ghuth, agus thug e dhomh mac: uime sin thug i Dan mar ainm air.
Agus thubhairt Rachel, Le mòr-ghleac ghleac mi rim phiuthair, agus thug mi buaidh: agus thug i Naphtali mar ainm air.
Agus mic Naphtali: Iahseel, agus Guni, agus Ieser, agus Sillem.
Is iad sin mic Bhilhah, a thug Làban da nighinn Rachel, a rug i do Iàcob: na h‑anaman uile, seachdnar.
Agus làimh ri crìch Aseir, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Naphtali.
De chloinn Naphtali, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;