Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 30:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhàs Bilhah torrach, agus rug i mac do Iàcob.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e ris, Tha fhios agad cionnas a rinn mi seirbhis dhut, agus cionnas a bha do sprèidh agam:

Agus thug i dha Bilhah a banoglach mar mhnaoi; agus chaidh Iàcob a‑steach da h‑ionnsaigh.

Agus thubhairt Rachel, Thug Dia breith orm, agus dh’èisd e mar an ceudna rim ghuth, agus thug e dhomh mac: uime sin thug i Dan mar ainm air.

Agus nuair a bha Israel a chòmhnaidh anns an tìr sin, chaidh Reuben agus laigh e le Bilhah, coileabach a athar: agus chuala Israel sin. A‑nis bha dà‑mhac-dheug aig Iàcob:

Agus mic Bhilhah, banoglach Racheil: Dan agus Naphtali:

Is iad sin mic Bhilhah, a thug Làban da nighinn Rachel, a rug i do Iàcob: na h‑anaman uile, seachdnar.

Is iad seo mic Israeil: Reuben, Simeon, Lèbhi, agus Iùdah, Isachar, agus Sebulun,

De chloinn Dhan, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;

Agus is iad seo ainmean nan daoine a sheasas maille ribh: De threubh Reubein: Elisur mac Shedeuir.

Ghin Abrahàm Isaac, agus ghin Isaac Iàcob, agus ghin Iàcob Iùdas agus a bhràithrean,

Agus thug e dha coicheangal an timcheall-ghearraidh: agus mar sin ghin Abrahàm Isaac, agus thimcheall-gheàrr e e air an ochdamh là: agus ghin Isaac Iàcob, agus Iàcob an dà phrìomh-athair dheug.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan