Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 30:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug i dha Bilhah a banoglach mar mhnaoi; agus chaidh Iàcob a‑steach da h‑ionnsaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Sàrai ri Abram, Feuch a‑nis, chùm an Tighearna mi o chlann a bhreith: rach a‑steach, guidheam ort, a dh’ionnsaigh mo bhanoglaich; theagamh gum faigh mi clann leatha-se. Agus dh’èisd Abram ri guth Shàrai.

Uime sin thubhairt i ri Abrahàm, Tilg a‑mach a’ bhan-tràill seo, agus a mac: oir cha bhi mac na ban-tràille seo na oighre maille rim mhac-sa, eadhon ri Isaac.

Agus a choileabach dom b’ainm Reumah, rug ise mar an ceudna Tebah, agus Gaham, agus Tahas, agus Maachah.

An sin ghabh Abrahàm bean a‑rìs, dom b’ainm Cetùrah.

Ach do mhic nan coileabach a bha aig Abrahàm, thug Abrahàm tìodhlacan; agus chuir e air falbh iad o a mhac Isaac, nuair a bha e fhèin fhathast beò, don taobh an ear, do thìr na h‑àird an ear.

Agus thug Làban do Rachel, a nighean, Bilhah a bhanoglach fhèin, mar bhanoglaich.

Agus dh’fhàs Bilhah torrach, agus rug i mac do Iàcob.

Agus chuir e na banoglaich agus an clann air thoiseach, agus Lèah agus a clann nan dèidh, agus Rachel agus Iòseph air dheireadh.

Agus nuair a bha Israel a chòmhnaidh anns an tìr sin, chaidh Reuben agus laigh e le Bilhah, coileabach a athar: agus chuala Israel sin. A‑nis bha dà‑mhac-dheug aig Iàcob:

Is iad sin mic Bhilhah, a thug Làban da nighinn Rachel, a rug i do Iàcob: na h‑anaman uile, seachdnar.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, togaidh mise suas olc ann ad aghaidh as do thaigh fhèin; agus gabhaidh mi do mhnathan fa chomhair do shùl, agus bheir mi iad dod choimhearsnach, agus laighidh e led mhnathan ann an sealladh na grèine seo:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan