Agus freagraidh air mo shon-sa m’ionracas anns an àm ri teachd, nuair a thig e mar mo thuarasdal ad làthair-sa: gach aon nach bi breac agus ballach am measg nan gobhar, agus dubh-dhonn am measg nan caorach, measar e mar nì bradach agamsa.
Agus dh’atharraich e air an là sin fhèin na gobhair fhireann a bha stiallach agus ballach, agus na gobhair bhoireann uile a bha breac agus ballach, agus gach aon air an robh gile, agus gach aon a bha dubh-dhonn am measg nan caorach, agus thug e iad do làmhan a mhac.
Bu mhath leam gun labhradh sibh uile le teangaidhean, ach b’fheàrr leam sibh a dhèanamh fàidheadaireachd, oir is mò an tì a nì fàidheadaireachd na an tì a labhras le teangaidhean, mura eadar-theangaich e, a‑chum gum faigheadh an eaglais fòghlam.
Oir bu mhiann leam gum biodh na h‑uile dhaoine mar mi fhèin: gidheadh tha a thìodhlac fhèin aig gach duine o Dhia, aig aon neach mar seo, agus aig neach eile mar siud.