Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 30:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rug Silpah, banoglach Lèah, mac do Iàcob.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Lèah, Tha sonas air teachd: agus thug i Gad mar ainm air.

Nuair a chunnaic Lèah gun do sguir i de bhreith cloinne, ghabh i Silpah a banoglach, agus thug i do Iàcob mar mhnaoi i.

Agus mic Shilpah, banoglach Lèah: Gad agus Aser. Is iad sin mic Iàcoib, a rugadh dha ann am Padan-àram.

Agus làimh ri crìch Shebuluin, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Gad.

De chloinn Ghad, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;

A‑nis bha aig cloinn Reubein agus cloinn Ghad ro‑mhòran sprèidhe: agus nuair a chunnaic iad fearann Iaseir, agus fearann Ghilead, feuch bha an t‑àite na àite sprèidhe:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan