Agus nuair a chunnaic Rachel nach do rug i clann do Iàcob, bha farmad aig Rachel ra piuthar, agus thubhairt i ri Iàcob, Thoir dhomh clann, no gheibh mi bàs.
Ach chaidh e fhèin astar là don fhàsach, agus thàinig e agus shuidh e fo chraoibh aiteil, agus dh’iarr e dha fhèin bàs fhaghail, agus thubhairt e, Is leòr e; a‑nis, a Thighearna, thoir leat m’anam; oir chan fheàrr mise na m’athraichean.
A‑rìs, dh’amhairc mi air gach uile shaothair agus gach uile obair cheirt, gur fàth farmaid do dhuine o a choimhearsnach i. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.
Agus thubhairt Maois ris, A bheil farmad ort air mo shon-sa? Is e mo ghuidhe ri Dia gum biodh sluagh an Tighearna uile nam fàidhean, agus gun cuireadh an Tighearna a spiorad orra!
Farmad, mortan, misg, raoidhteireachd, agus an leithidean sin: mum bheil mi ag innse dhuibh ro‑làimh, mar a dh’innis mi dhuibh cheana mar an ceudna, nach sealbhaich iadsan a nì an leithidean sin rìoghachd Dhè.
Oir bha sinne fhèin uaireigin eu‑cèillidh, eas-umhail, air seachran, a’ dèanamh seirbhis do iomadh gnè ana-miann agus an‑toilean, a’ caitheamh ar beatha ann am mìorun agus am farmad, fuath-thoillteannach, agus a’ toirt fuath da chèile.