Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 3:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èigh an Tighearna Dia air Adhamh, agus thubhairt e ris, Càit a bheil thu?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig an Tighearna a‑nuas a dh’fhaicinn a’ bhaile agus an tùir, a thog clann nan daoine.

Agus thubhairt e, A Hàgar, a bhanoglach Shàrai, cia as a thàinig thu, agus càit a bheil thu a’ dol? Agus thubhairt ise, Tha mi a’ teicheadh o ghnùis Shàrai mo bhana-mhaighistir.

Agus thubhairt iad ris, Càit a bheil Sàrah do bhean? Agus thubhairt esan, Feuch, anns a’ bhùth.

Agus thubhairt an Tighearna ri Càin, Càit a bheil Abel do bhràthair? Agus thubhairt esan, Chan eil fhios agam. Am mise fear-gleidhidh mo bhràthar?

Agus chaidh esan a‑steach, agus sheas e an làthair a mhaighistir, agus thubhairt Elisa ris, Cia as a thàinig thusa, a Ghehasi? Agus thubhairt esan, Cha deachaidh do sheirbhiseach taobh air bith.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan