Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 3:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuala iad guth an Tighearna Dia ag imeachd anns a’ ghàrradh, ann am fionnarachd an là: agus dh’fhalaich Adhamh agus a bhean iad fhèin o ghnùis an Tighearna Dia am measg craobhan a’ ghàrraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus dh’imich an Tighearna roimhe, nuair a sguir e de labhairt ri Abrahàm: agus thill Abrahàm ga àite fhèin.

Agus thubhairt e, Chuala mi do ghuth anns a’ ghàrradh, agus bha eagal orm, a chionn gu robh mi lomnochd; agus dh’fhalaich mi mi fhèin.

Tha neòil nan còmhdachadh dha, agus chan fhaic e; agus ann an cùirt nan nèamh siùbhlaidh e.

Ma cheil mi, mar Adhamh, m’easaontais, lem euceart fhalach am uchd:

An sin fhreagair an Tighearna Iob as a’ chuairt-ghaoith, agus thubhairt e,

Tha sùilean an Tighearna anns gach àite, ag amharc air na droch dhaoine agus air na deagh dhaoine.

Am faod neach air bith e fhèin fhalach ann an ionadan diamhair, air chor is nach faic mise e? deir an Tighearna. Nach eil mise a’ lìonadh nan nèamhan agus na talmhainn? deir an Tighearna.

Sgriosar fòs ionadan àrda Abhein, cionta Israeil: thig an droigheann agus am fòghnan a‑nìos air an altairean; agus their iad ris an slèibhtean, Falaichibh sinn, agus ris na beanntan, Tuitibh oirnn.

Agus imichidh mi nur measg, agus bidh mi am Dhia dhuibh, agus bidh sibhse nur sluagh dhòmhsa.

Ach dh’èirich Ionah suas gu teicheadh do Tharsis o fhianais an Tighearna; agus chaidh e sìos gu Iopa; agus fhuair e long a’ dol gu Tarsis, agus phàigh e an luach-aisig, agus chaidh e sìos innte, gu dol leo gu Tarsis, o làthair an Tighearna.

Muinntir a tha a’ nochdadh obair an lagha sgrìobhte nan cridheachan, air a bhith dan cogais a’ dèanamh fianais leo, agus an smuaintean eatorra fhèin gan agairt, no a’ gabhail an leisgeil:)

Oir tha an Tighearna do Dhia ag imeachd am meadhon do champa, a‑chum do shaoradh, agus a‑chum do naimhdean a thoirt thairis romhad: uime sin bidh do champ naomh, a‑chum nach faic e nì sam bith neòghlan annad, agus nach till e air falbh uat.

An cuala sluagh sam bith guth Dhè a’ labhairt à meadhon an teine, mar a chuala tusa, agus an do mhair iad beò?

A‑nis uime sin carson a gheibheamaid bàs? Oir loisgidh an teine mòr seo sinn. Ma chluinneas sinn guth an Tighearna ar Dia tuilleadh, an sin bàsaichidh sinn.

Agus chan eil creutair sam bith nach eil follaiseach na làthair-san: ach tha na h‑uile nithean lomnochd, agus fosgailte do shùilean an Tì dom feum sinn cunntas a thabhairt.

Agus dh’fhalaich rìghrean na talmhainn, agus na daoine mòra, agus na daoine saoibhir, agus na h‑àrd-cheannardan, agus na daoine cumhachdach, agus gach tràill, agus gach duine saor, iad fhèin ann an uaimhean agus ann an creagan nam beann;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan