Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 3:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhosgladh an sùilean le chèile, agus dh’aithnich iad gu robh iad lomnochd; agus dh’fhuaigh iad duilleach croinn-fhìge ri chèile, agus rinn iad dhaibh fhèin aprain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus bha iad le chèile lomnochd, an duine agus a bhean, agus cha robh nàire orra.

Oir tha fhios aig Dia, anns an là a dh’itheas sibh dheth, gum fosglar ur sùilean, agus gum bi sibh mar dhiathan, fiosrach air math agus air olc.

Agus nuair a thàinig iad a‑steach do Shamaria, thubhairt Elisa, A Thighearna, fosgail sùilean nan daoine seo, a‑chum gum faic iad. Agus dh’fhosgail an Tighearna an sùilean, agus chunnaic iad, agus, feuch, bha iad ann am meadhon Shamaria.

Oir tha an leabaidh tuilleadh is goirid gu neach ga shìneadh fhèin oirre: agus tha am brat tuilleadh is aimhleathann gu neach ga phasgadh fhèin ann.

Leigear ris do lomnochdaidh, chìthear eadhon do nàire; nì mi dìoghaltas, cha choinnich mi thu mar dhuine.

Den lìontan cha dèanar trusgan; cha mhò a chòmhdaicheas iad iad fhèin len obraichean; an obraichean is obraichean na h‑eucorach iad; agus tha gnìomh an fhòirneirt nan làmhan.

Pheacaich Ierusalem gu trom; air an adhbhar sin tha i air a h‑atharrachadh: iadsan uile a thug urram dhi, tha iad ri tàir oirre, a chionn gum faca iad a lomnochdaidh; seadh, tha ise ri caoidh, agus a’ tionndadh air a h‑ais.

Agus ann an ifrinn thog e suas a shùilean, air dha a bhith ann am piantan, agus chunnaic e Abrahàm fada uaithe, agus Làsaras na uchd.

Agus air na buill sin den chorp as lugha urram nar measg-ne, tha sinn a’ cur an tuilleadh urraim; agus na buill sin dhinn as lugha maise, tha aca sin gu ro‑mhòr an tuilleadh maise.

Air chor is gum bi thu air mhì-chèill, airson sealladh do shùl a chì thu.

A‑mhàin a‑chum gum b’aithne do ghinealaichean chloinn Israeil cogadh a theagasg dhaibh, air bheag sam bith dhaibhsan do nach b’aithne a’ bheag dheth roimhe;)




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan