Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 3:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic a’ bhean gu robh a’ chraobh math a‑chum bìdh, agus gu robh i taitneach don t-sùil, agus na craoibh ra miannachadh a dhèanamh neach glic: agus ghabh i de a meas agus dh’ith i, agus thug i mar an ceudna da fear maille rithe, agus dh’ith e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an duine, A’ bhean a thug thu gu bhith maille rium, thug ise dhomh den chraoibh, agus dh’ith mi.

Agus ri Adhamh thubhairt e, Do bhrìgh gun d’èisd thu ri guth do mhnà, agus gun d’ith thu den chraoibh, a dh’àithn mise dhut, ag ràdh, Chan ith thu dhith, tha an talamh mallaichte air do shon; ann an doilgheas ithidh tu dheth uile làithean do bheatha;

Agus an dèidh nan nithean sin leag bean a mhaighistir a sùilean air Iòseph agus thubhairt i, Laigh leamsa.

Agus a chunnaic mic Dhè nigheanan dhaoine, gu robh iad sgiamhach; ghabh iad dhaibh fhèin mnathan de gach uile a roghnaich iad.

Agus thachair e mu fheasgar gun d’èirich Daibhidh bhàrr a leapa, agus gu robh e a’ spaisdearachd air mullach taigh an rìgh: agus on mhullach chunnaic e bean ga nighe fhèin: agus bha a’ bhean ro‑mhaiseach ri sealltainn oirre.

Agus thill e maille ris, agus dh’ith e aran na thaigh, agus dh’òl e uisge.

Rinn mi coicheangal rim shùilean: carson, matà, a smaoinichinn air maighdinn?

A mhic an duine, feuch, bheir mise air falbh uat miann do shùl le buille: gidheadh cha dèan thu bròn no gul, cha mhò a shileas do dheòir.

Labhair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, truaillidh mise m’ionad naomh, òirdheirceas ur treise, miann ur sùl, agus an nì as caomh le ur n‑anam: agus ur mic agus ur nigheanan a dh’fhàgadh, tuitidh leis a’ chlaidheamh.

Mar an ceudna, a mhic an duine, nach tachair e anns an là anns am buin mise uapa an neart, aoibhneas an glòire, miann an sùl, agus an nì sin air an suidhich iad an inntinn, am mic, agus an nigheanan;

Ach bhris iadsan an coicheangal mar Adhamh: an sin bhuin iad gu fealltach am aghaidh-sa.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a dh’amhairceas air mnaoi a‑chum a miannachadh, gun do rinn e adhaltranas leatha cheana na chridhe.

Agus cha b’e Adhamh a mhealladh, ach air don mhnaoi a bhith air a mealladh, bha i anns a’ chionta.

Nuair a chunnaic mi am measg na creiche earradh bhrèagha Bhàbilonach, agus dà cheud secel airgid, agus geinn òir anns an robh lethcheud secel de chudthrom, an sin shanntaich mi iad, agus ghabh mi iad; agus feuch, tha iad falaichte anns an talamh ann am meadhon mo bhùtha, agus an t‑airgead fodha.

Oir na h‑uile a tha anns an t‑saoghal, ana-miann na feòla, agus ana-miann nan sùl, agus uabhar na beatha, chan ann on Athair a tha iad, ach on t‑saoghal.

Agus ghuil i na làthair rè nan seachd làithean a bha a’ chuirm aca: agus air an t‑seachdamh là dh’innis e dhi, a chionn gun do chuir i gu teann ris: agus dh’innis ise an tòimhseachan do chloinn a sluaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan