Genesis 3:4Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt an nathair ris a’ mhnaoi, Gu cinnteach chan fhaigh sibh bàs; Faic an caibideil |
Agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun do chuir thu teachdairean a dh’fhiosrachadh de Bhàal-sebub, dia Ecroin, mar nach biodh Dia ann an Israel a dh’fhiosrachadh de a fhacal, uime sin on leabaidh sin air an deachaidh tu suas, cha tig thu a‑nuas, ach gu cinnteach gheibh thu bàs.
Agus thubhairt iadsan ris, Thàinig duine a‑nìos nar coinneamh, agus thubhairt e rinn, Rachaibh, tillibh a dh’ionnsaigh an rìgh a chuir uaithe sibh, agus abraibh ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, An ann a chionn nach eil Dia ann an Israel a tha thu a’ cur theachdairean a dh’fhiosrachadh de Bhàal-sebub, dia Ecroin? Uime sin on leabaidh sin air an deachaidh tu suas, cha tig thu a‑nuas, ach gu cinnteach gheibh thu bàs.
Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal, agus is iad ana-miannan ur n‑athar as toil leibh a dhèanamh: bha esan na mhortair o thùs, agus cha d’fhan e anns an fhìrinn, a chionn nach eil fìrinn ann. Nuair a labhras e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a’ labhairt: oir is breugair e, agus is e athair na brèige.