Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 3:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn an Tighearna Dia do Adhamh agus da mhnaoi còtaichean craicinn, agus chòmhdaich e iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thug Adhamh Eubha mar ainm air a mhnaoi, do bhrìgh gum b’i màthair nan uile bheò.

Agus thubhairt an Tighearna Dia, Feuch, tha an duine air fàs mar aon dhinn fhèin, fiosrach air math agus olc. Agus a‑nis, air eagal gun sìneadh e a‑mach a làmh, agus gun gabhadh e mar an ceudna de chraoibh na beatha, agus gun itheadh e, agus gum biodh e beò gu sìorraidh:

Agus dh’fhosgladh an sùilean le chèile, agus dh’aithnich iad gu robh iad lomnochd; agus dh’fhuaigh iad duilleach croinn-fhìge ri chèile, agus rinn iad dhaibh fhèin aprain.

Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean-bainnse i fhèin le a seudan.

Eadhon fìreantachd Dhè tre chreideamh Iosa Crìosd, do na h‑uile, agus air na h‑uile a chreideas; oir chan eil eadar-dhealachadh ann:

Agus air na buill sin den chorp as lugha urram nar measg-ne, tha sinn a’ cur an tuilleadh urraim; agus na buill sin dhinn as lugha maise, tha aca sin gu ro‑mhòr an tuilleadh maise.

Oir rinn e esan do nach b’aithne peacadh na ìobairt-pheacaidh air ar son-se; a‑chum gum bitheamaid-ne air ar dèanamh nar fìreantachd Dhè annsan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan