Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 3:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug Adhamh Eubha mar ainm air a mhnaoi, do bhrìgh gum b’i màthair nan uile bheò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Feuch, tha thu torrach, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Ismael mar ainm air; do bhrìgh gun d’èisd an Tighearna rid anshocair.

Agus thug Adhamh ainmean don sprèidh uile, agus do eunlaith nan speur, agus do uile bheathaichean na machrach; ach do Adhamh cha d’fhuaireadh còmhnadh da rèir fhèin.

Agus thubhairt Adhamh, Seo a‑nis cnàimh dem chnàmhan, agus feòil dem fheòil-sa: goirear bean dhith, do bhrìgh gur ann as an duine a thugadh i.

Agus rinn an Tighearna Dia do Adhamh agus da mhnaoi còtaichean craicinn, agus chòmhdaich e iad.

Agus nuair a bha a h‑anam a’ dealachadh rithe (oir fhuair i bàs), thug i Ben-oni mar ainm air: ach thug a athair mar ainm air Beniàmin.

Agus thug e Nòah mar ainm air, ag ràdh, Bheir an tì seo fhèin sòlas dhuinne a‑thaobh ar n‑obrach agus saothair ar làmh, a‑thaobh na talmhainn a mhallaich an Tighearna.

Agus dh’fhàs an leanabh, agus thug i e a dh’ionnsaigh nighean Phàraoh, agus bha e na mhac dhi. Agus thug i Maois mar ainm air: agus thubhairt i, A chionn as an uisge gun do tharraing mi a‑mach e.

Agus beiridh i mac, agus bheir thu Iosa mar ainm air; oir saoraidh e a shluagh fhèin om peacaidhean.

Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, Dia maille rinn.)

Agus rinn e a dh’aon fhuil uile chinnich dhaoine, a‑chum iad a ghabhail còmhnaidh air aghaidh na talmhainn uile, agus shònraich e na h‑àmannan ro‑òrdaichte, agus crìochan an àite-còmhnaidh;

Ach tha eagal orm, mar a mheall an nathair Eubha le a cuilbheartachd, mar sin gun truaillear, air dòigh sam bith, ur n‑inntinn-se on aon-fhillteachd a tha ann an Crìosd.

Oir is e Adhamh a chruthaicheadh air tùs, agus na dhèidh sin Eubha.

Uime sin thàrladh, nuair a thàinig an t‑àm mun cuairt, an dèidh do Hanah fàs torrach, gun do rug i mac; agus thug i Samuel mar ainm air, ag ràdh, Do bhrìgh gun d’iarr mi e air an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan