Am fallas do ghnùise ithidh tu aran, gus an till thu a dh’ionnsaigh na talmhainn; oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, agus gu duslach tillidh tu.
Agus dhealbh an Tighearna Dia an duine de dhuslach na talmhainn: agus shèid e ann an cuinneinean a shròine anail na beatha; agus dh’fhàs an duine na anam beò.
Agus thubhairt e, Lomnochd thàinig mi à broinn mo mhàthar, agus lomnochd tillidh mi an sin: thug an Tighearna seachad, agus thug an Tighearna leis: beannaichte gu robh ainm an Tighearna.
Ithidh daoine reamhar na talmhainn uile, agus nì iad adhradh; na làthair-san sleuchdaidh iadsan uile a thèid sìos don duslach; oir cha chùm neach a anam beò.
Agus thug mi mo chridhe a shireadh agus a rannsachadh le gliocas, mu thimcheall gach nì a nìthear fo nèamh: an t‑saothair ghoirt seo thug Dia do chloinn nan daoine, a‑chum an cleachdadh fhèin rithe.
Mar a thàinig e a‑mach lomnochd à broinn a mhàthar, ath-thillidh e, a’ dol mar a thàinig e; agus cha ghiùlan e nì air bith de a shaothair a bheir e leis na làimh.
An tì a ghoid, na goideadh e nas mò: ach gum b’fheàrr leis saothair a dhèanamh, ag obrachadh an nì a tha math le a làmhan, a‑chum gum bi aige nì ri phàirteachadh ris an neach air a bheil uireasbhaidh.
Oir is cuimhne leibh, a bhràithrean, ar saothair, agus ar sgìos: oir air dhuinn a bhith ri obair a dh’oidhche agus a là, a‑chum nach cuireamaid trom air neach sam bith agaibh, shearmonaich sinn dhuibh soisgeul Dhè.