Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 3:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus droigheann agus cluarain bheir e a‑mach dhut, agus ithidh tu luibh na machrach;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus ri Adhamh thubhairt e, Do bhrìgh gun d’èisd thu ri guth do mhnà, agus gun d’ith thu den chraoibh, a dh’àithn mise dhut, ag ràdh, Chan ith thu dhith, tha an talamh mallaichte air do shon; ann an doilgheas ithidh tu dheth uile làithean do bheatha;

Am fallas do ghnùise ithidh tu aran, gus an till thu a dh’ionnsaigh na talmhainn; oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, agus gu duslach tillidh tu.

Agus thubhairt e, Lomnochd thàinig mi à broinn mo mhàthar, agus lomnochd tillidh mi an sin: thug an Tighearna seachad, agus thug an Tighearna leis: beannaichte gu robh ainm an Tighearna.

An àite cruithneachd fàsadh droighneach, agus an àite eòrna, feanntagach. Chrìochnaicheadh briathran Iob.

Agus ithidh an t‑acrach suas a fhogharadh, agus eadhon as na drisean gabhaidh e e: sluigidh an creachadair suas am maoin.

Tha thu a’ cur solais umad mar thrusgan, a’ sìneadh a‑mach nan nèamh mar chùirtean.

Tionndaidhidh tu an duine gu sgrios, agus their thu, Tillibh, a chlann nan daoine.

Tha droigheann agus ribeachan ann an slighe an duine fhiair: an tì a ghleidheas a anam fhèin, thèid e am fad uapa.

Agus, feuch, bha e uile air fàs suas le cluarain, chòmhdaich an fheanntagach a aghaidh, agus bhriseadh sìos a bhalla cloiche.

Thig an droigheann agus an dris a‑nìos thar fearann mo shluaigh; seadh thar nan uile thaighean aoibhneach anns a’ bhaile luathghaireach.

Agus cuiridh mi fàs e; cha sgathar e, agus cha ruamhairear e; ach fàsaidh an dris agus an droigheann ann; agus bheir mi àithne do na neòil nach fras iad uisge air.

Agus tàrlaidh anns an là sin, gach àit anns an robh mìle fìonain, air am meas air mhìle bonn airgid, gum bi e na sgitheach agus na dhroighnich.

Le saighdean agus leis a’ bhogha thig iad an sin; oir bidh an talamh uile na sgitheach agus na dhroighnich.

Chuir iad cruithneachd, ach buainidh iad droigheann: shaothraich iad, ach cha bhuannaich iad; mar sin maslaichear sibh a‑thaobh ur cinneis, do bhrìgh lasair fearg an Tighearna.

Uime sin, mar seo deir an Tighearna ri fir Iùdah, agus ri Ierusalem, Brisibh suas ur fearann-treabhaidh, agus na cuiribh am measg droighinn.

Agus thuit cuid am measg droighinn: agus dh’fhàs an droigheann suas, agus mhùch e e.

Oir tha aon a’ creidsinn gum faod e na h‑uile nithean ithe: ach tha esan a tha anfhann ag ithe luibhean.

Ach an talamh sin a bheir uaithe droigheann agus drisean, tha e air a chur air cùl, agus fagas do mhallachadh; don deireadh a bhith air a losgadh.

Biodh fios cinnteach agaibh nach fuadaich an Tighearna ur Dia tuilleadh aon air bith de na cinnich sin a‑mach romhaibh; ach bidh iad dhuibh nan ribe, agus nan ceap-tuislidh, agus nan sgiùrsadh nur taobhan, agus nam bioran nur sùilean, gus an tèid as dhuibh bhàrr an fhearainn mhaith seo a thug an Tighearna ur Dia dhuibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan